|
Article in other languages:
|
Ollamh Iain Caimbeul Brown FRSE, Reuladair Rìoghail air son Alba
Amharclann Rìoghail, Dùn Eideann
Is e reul-eòlas (no speur-eòlas no reuladaireachd) saidheans an stutha anns a' Chruinne-cè agus bithidh e a' rannsachadh an sgaoileidh, an gluasad, nan coimeasgadh, nan staid agus an rothlas aige. Bithidh reul-eòlas a' mìneachadh tuiteamasan a thachras a-muigh a' Chruinne agus an àile aige. Bithidh reul-eòlaichean a' sgrùdadh an tùs is rothlas aig cùisean anns an domhan, cho math ris na buadhannan fisiceach is ceimiceach aca. Tha reul-eòlas a' dèiligeadh ri rudan thairis air tomhasan aibhseach, bho phlanaidean, gu còrasan-grèine (siostam-na-greine), suas gu reultan, reul-bhagaidean, reul-chriosan (còmhlas ris an stuth eatarra) suas ris an domhan fhèin na iomlan.
Reul-eòlas a-rèir an fhaclairReul-eòlasA-rèir Richard Cox [1] 's e reul-eòlas
Tha e cudthromach iomsgaradh soilleir a dhèanamh eadar reul-eòlas a tha na fheallsanachd-nàdair (saidheans), agus speuradaireachd. Tha mòran daoine ann nach tuig an difir eadar reul-eòlas agus speuradaireachd (fiosachd a-rèir suidheachadh nam planaidean agus nan reultan). Is fìor feallsanachd-nàdair (saidheans) an reul-eòlas (Beurla: astronomy), ach is geaslanachd agus baoth-chreideamh an speuradaireachd (Beurla: astrology). Is ann ro chumanta mì-thuigse mu dheidhinn an dà chuspair seo fhathast. SpeuradaireachdA-rèir Richard Cox [2] ' s e speuradaireachd
Chan ann glè phailt a tha litreachas anns a’ Ghàidhlig mu dheidhinn reul-eòlais. Is e leabhar feumail Reul-eòlas leis an Ollamh Pàdraig Moore, eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid. [3](Faic clàr-fiosrachaidh shìos.) Ann an Àireamhan 174 agus 175 (1996), dh’fhoillsich GAIRM alt Reul-eòlas airson Luchd-'tòiseachaidh le Garbhan MacAoidh, còmhla ri foirlionadh: Clàr Briathran Reul-eòlais agus Eòlaidheachd. [4] Sgrìobh ùghdar Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh: “Cha teid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chlann Uisnich (a’ ghalacsaidh again), ach glè bheag eile. B’aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimhn ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nadur”. Planaidean
Venus - A' Mhadainneag, Ribhinn, Bhenus, Bheineas Reultan EileAldebaran - Aibhseag Antares - Sgleodhag Arcturus & Spica - Siarag 7 Searag Bellatrix & Kappa Orionis - Fadag Ard 7 Fadag Iosal Betelgeuse - Spor Dearg Castor & Pollux - Gaolag 7 Gradhag Deneb & Altair - Leisgeag Àrd 7 Leisgeag Iosal Hercules - Ceilteach (Iorcall) Polaris - a' Bharr-reult, an Reul-iuil, a' Chailin Rigel - Spor Liath Sirius - Reul an Iuchair Spica - Falachag Clàr-fiosrachaidh
Questions for article: |
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.
IHS Europe: Infrared Heating Systems for Home and Business.